User:AnSiarach
As a'Wikipedia
'Se eileanach a tha unam bho'n Innse Gall. Tha ùidh agam ann an eachdraidh (gu h-àraid seann eachdraidh na h-Alba agus Breatainn) agus poileataigs. Tha mi fileant 'sa Ghàidhlig agus bidh mi ga cleachdadh mar mo phrìomh chànan ach tha bliadhnachan bhon a sgrìobh mi mòran sam bith 'sa mheadhan seo agus mar sin tha mi cinnteach gum bi mearachdan gu leòr agam air fhàgail air duilleag sam bith a thòisicheas mi agus bhithinn gu math tàingeil airson cuideachadh sam bith le litreachas/gràmar etc.
[deasaich] Cunntas ghoirid
'Se oileanach aig Oilthigh Lunnain, Sgoil Eòlas an Oirthir agus Afraga (University of London, School of Oriental and African Studies) a tha annam. Bidh mi a' rannsachadh eachdraidh agus poileataics dùthchannan am 'Meadhan Ear' aig an oilthigh agus eachdraidh/dualchas nan Gaidheal agus nan Eileanan Breatannach na mo thìde fhèin.
[deasaich] ùidhean
Eachdraidh/History (gu h-àraidh eachdraidh Rìoghachd nan Eilean agus Dàl Riada)
Poileataics
Ceòl
Ball-coise
Rugby
Cànanachas
Aistean a thòisich mi/air a bheil mi ag obair: