Hip-hop
As a'Wikipedia
Mar as tric, bidh rapairean a’ cleachdadh an fhacail, hip-hop, nam measg fhèin, an àite rap, nuair a tha iad a’ bruidhinn mu dheidhinn an stoidhle ciùil aca, measgachadh de faclan labhairte agus builean-druma. ‘S e “rap” am facail a chleachdas daoine o thaobh a-muigh an t-saoghail hip-hop, mar as àbhaist.
Cuideachd, bidh na rapairean a’ gabhail orra fhèin, MC (master of ceremonies) ann am Beurla, no FT (fear-an-taigh) agus BT (bean-an-taigh) ann an Gàidhlig, an àite “rapair.” Canaidh iad sruth ris an rap fhèin, faclan làbhairte ann an ruitheam subailte, a’ cleachdadh comhardaidh agus bheuman seòlta gus buaidh sònraichte, làidir a chruthachadh.
Chaidh a chiad òran hip-hop Gàidhlig a chraoibh-sgaoileadh nuair a rinn BT Nina agus FT Ceartas à Club Hip-Hop SMO seisean beò air a’ phrògram, Rapal, air BBC Radio nan Gaidheal, anns an fhoghair, 2005.
[deasaich] Sgioban Hip-hop, FTan agus BTan Gàidhlig
- Nad Aislingean
- Club Hip-Hop SMO