Màiri Mhòr nan Òran
As a'Wikipedia
Rugadh Màiri Mhòr nan Oran (1821 - 1898), no Màiri Nic a' Phearsain, no Màiri Nighean Iain Bhàin, ann an Sgèabost san Eilean Sgiathanach. Chuir i seachad a h-òige anns an Eilean Sgitheanach agus ann an 1848 phòs i Isaac Mac a' Phearsain, greusaiche à Inbhir Nis, agus chaidh i a dh'fhuireach còmhla ris anns a' bhaile. Bha sianar chloinne aca. Ann an 1871 chaochail Isaac agus chaidh Màiri a dh'obair na banaltruim.
'S ann ri linn na h-obrach seo, a-rèir na bàrdachd aice, a chaidh a chur as leth Màiri gun do ghoid i aodach boireannaich a bh' air ùr-bhàsachadh agus a chaidh a cur don phrìosan airson còrr is mìos. Chaidh dearbhadh as dèidh làimh gun robh Màiri neo-chiontach ach cha d'fhuair i seachad air an tàmailt airson ùine mhòr agus bha i air a gluasad gu bàrdachd a dhèanamh mun eucoir a rinneadh oirre agus air iomadach cuspair eile.
Dh'fhàg Màiri Inbhir Nis goirid às dèidh seo agus chaidh i a dh'fhuireach ann an Glaschu. Rinn i treanadh foirmeil an sin mar bhanaltram agus mar bhean-ghlùine. Bha i ainmeil a-measg Ghàidheil Ghlaschu leis mar a bhiodh i a' frithealadh chèilidhean agus tachartasan mòra Gàidhealach eile anns a' bhaile. Rinn i grunn òran ainmeil mu na cruinneachaidhean seo, nam measg 'Camanachd Ghlaschu' agus 'Deoch-shlàinte Gàidheil Ghrianaig'.
Tha an t-uabhas de dh'òrain Màiri a-mach air bòidhchead an Eilein Sgitheanaich agus air na h-atharrachaidhean a bha air tighinn air an àite. Tha tòrr aca seo gan seinn fhathast, leithid 'Nuair a bha mi òg', 'Eilean a' Cheò' agus 'Soraidh leis an Àite'. Bhiodh i a' tilleadh dhachaigh tric fhad 's a bha i a' fuireach aig deas agus mu dheireadh chaidh i air ais a dh'fhuireach, an toiseach ann an Os agus an uair sin ann an Sgèabost. Bha i gu mòr an sàs ann an Strì an Fhearainn agus bhiodh i a' frithealadh choinneamhan chroitearan agus a' dèanamh agus a' gabhail òran-brosnachaidh dhaibh. Nam measg seo tha 'Coinneamh nan Croitearan', 'Brosnachadh nan Gàidheal' agus 'Òran Beinn Lì'.
Chaochail Màiri ann am Port-rìgh ach tha i air a h-amhlaigeadh ri taobh a cèile ann an Inbhir Nis.
'Màiri Mhòr nan Oran', deasaichte le Dòmhnall E Meek (Gairm, 1977)
'An Introduction to Gaelic Poetry', le Ruairidh MacThòmais (Dùn Èideann, 1990)