Martin Luther
As a'Wikipedia
Clàr-innse |
[deasaich] Màrtainn Lùtair
[deasaich] Beatha Mhàrtainn
Rugadh Màrtainn Lùtair (Martin Luther`sa Bheurla) 1483 ann an Eisleben anns a' Ghearmailt. Chaidh a thogail ann am Mansfeld, far an do dh’fhàs athair Mhàrtainn rud beag beairteach le bhith ag obair mar tuathanach agus mèinnear. Mar sin b’ urrainn do Mhàrtainn a dhol dhan oilthigh, far an do dh’ionnsaich e Laideann, gràmair, ùr-labhairt, ealain-reusanachaidh, beus-eòlas agus ceòl. O chionn’s gum bu mhiann le athair Mhàrtainn gum biodh Màrtainn na fear-lagha, chaidh Màrtainn do oilthigh Erfurt. Ach aon latha, nuair a bha Màrtainn a’ tilleadh do dh’Erfurt, thàinig stoirm le tàirneanach agus dealanach uabhasach. Bha eagal a bheatha air, agus thuirt e: Naomh Anna, cuidich mi, ma leigeas tu mi a bhith beò, bidh mi nam mhanach. Mar sin chaidh e an-aghaidh toil athair do mhanach. Ann an 1507 fhuair e òrdachadh sagartachd . An uair sin chaidh e gu Wittenberg airson rannsachadh diadhaireach . Dh’ ionnsaich e Greugais agus Eabhra agus ann an 1509 bha e na ollamh airson a’ bhìobaill.
[deasaich] Beachdan ùra
Bha Màrtainn Lùtair a’ teagasg mun bhìobaill, ach airson bhliadhnachan bha smaoin trom aige: ciamar a gheibh mi Dia iochdmhòr? Aon oidhche, (chan eil an luchd-rannsachadh cinnteach: eadar 1511-13 neo 1515-18) nuair a bha e a’ meòmhrachadh air rann Rom.1.17, thàinig an fhreagairt tro rann Hab. 2.4.: Is e gibht iochdmhòr a tha anns a’ cheartas Dhè. Tha na daoine ga fhaighinn tron chreideamh a-mhàin. Chan urrainnear seo a chuir an gnìomh tron obair neo cliù fhèin! A-nis bha beachdan Mhàrtainn Lùtair gu tùr an-aghaidh malairt le litrichean-loghadh, a rinn an eaglais chaitligeach.
Mar sin sgrìobh e 95 argamaid a chuir e gu àrd easbaig Mhainz agus gu sagartan eile airson deasbad diadhaireachd a thòiseachadh. Canar gun do chuir e iad ri doras Eaglais na Caisteal ann am Wittenberg anns an 31. den Dàmhair 1517 cuideachd. Cha robh Lùtair a’ gearan mu na dòighean aithreachais ceàrr a-mhàin, dh’iarr e ath-leasachadh am broinn na h-eaglaise cuideachd. Gu nàdarra cha do dh’aontaich an Eaglais Caitligeach ris na h-argamaidean. Mar sin bha tòrr cùisean-lagha ann, m.e.: Reichstag zu Worms, far an tuirt Màrtainn Lùtair: Tha am bìoball os cionn riaghailtean na h-eaglaise. An dèidh sin chuir am Pàpa Màrtainn fon choill ann an 1521. Bha na pìosan a sgrìobh Màrtainn toirmisgte.
Fhuair Lùtair cuideachadh bho Kurfürst Friedrich à Sachsen-Anhalt, a chuir air falach e mar „Junker Jörg“ air a’ Wartburg ann an Thüringen. An seo dh’eadar-theangaich e am bìoball tùsail bhon Ghreugais agus Eabhra gu Gearmailtis ann an 11 seachdainean a-mhàin. Ach rinn e sin ann an dòigh a bhitheadh a’ tuigsinn airson na daoine abhaisteach. B’ e sin am bìoball ris an canar Lutherbibel (bìoball Lùtair) an-diugh. Leis an inneal clò-bhualadh ùr chaidh am bìoball fhoillseachadh air feadh na Gearmailt gu math luath. Thòisich na daoine an cànan às a bhìoball a chleachdach. B’ e sin an t-àm far deach an Ard-Ghearmailtis oifigeal a chruthaich.
[deasaich] an t-Ath-Leasachadh
Aig an aon àm bha Melanchthon, deagh charaid aig Mhàrtainn, a’ sgaoileadh nam beachdan ùra. O chionn’s gun robh na daoine deiseil agus deònach airson ath-nuachaidh, chleachd iad na argamaidean Lùtair airson na h-eaglaise fhagail. Theich mòran manachan agus caileachan dhubha às na manachainnean cuideachd. Chaidh iad uile ri cheile airson eaglais nuadh a’ steidheachadh ris an cante Eaglais Pròstanach (bho Protest: casaid, gearan).
Ach bha trioblaidean mòra ann am Wittenberg mu na dòighean ceart anns an eaglais ùir agus mar sin chaidh Màrtainn air-ais. Dh’atharraich esan an t-aifreann a rèir a’ bhìoball. Gus 1545 chuir e òraidean seachad ann am Wittenberg agus ghabh e a bheachdan airson cuspairean diofraichte. Ach anns an fharsaingeachd cha do chuir esan an t-Ath-Leasachadh air adhart.
Bha Màrtainn an aghaidh an t-seasganachd cuideachd. Ann an 1525 phòs e Katharina von Bora, caileach dhubh, a theich às a’ mhanach. Bha sianar chloinne aca. Chaochail e air turas ann an Eisleben ann an 1546, ach chaidh a thiodhlaidh ann an Eaglais na Caisteal Wittenberg.
_____________________________
- Rann Rom.1.17: Oir tha fireantachd Dhè air a foillseachadh ann an tre chreideamh gu creideamh: mar a tha e sgrìobhte: Bidh am fìrean beò tre chreideamh
- Rann Hab.2.4: Feuch, chan eil a anam-san, a tha air a thogail suas, ceart an taobh a-staigh dheth; ach mairidh am fìrean beò le a chreideamh.
[deasaich] Ceangail a-muigh
http://www.martin-luther.de (anns a’ Bheurla)