Alba
As a'Wikipedia
|
|||||
Cànan oifigeil: | Dim. (Beurla ), Gàidhlig (2004 act), A' Bheurla Ghallda (no Albais) (de facto) | ||||
Prìomh-bhaile: | Dùn Èideann | ||||
Baile is Motha: | Glaschu | ||||
Prìomh Mhinistear: | Seac MacConaill | ||||
Àrainn - - % Bùrn: |
Reangach 2 78,782 km² 1.9% |
||||
Aireamh-shluaigh - (2001): - Daingneachd: |
5,062,011 64/km² |
||||
Stèidhichte: | Coinneach mac Alpin 843 | ||||
Airgead: | Nota (£) | ||||
Arainn Tìde: | UTC | ||||
Laoidh naiseanta: | neo-oifigeil: Flur na h-Alba (Flower of Scotland) |
'Se dùthaich suidhichte ann an taobh a tuath Bhreatainn a th'ann an Alba. Bha i na rìoghachd neo-eisimileach gus an 18mh linn nuair a dh'aonaich Alba agus Sasainn airson Rìoghachd Bhreatainn Mòr a stèidheachadh anns am bliadhna 1707. Anns am bliadhna 1801 dh'aonaich Rìoghachd Bhreatainn Mòr le Rìoghachd na h-Eirinn airson an Rìoghachd Aonaichte a' chruthachadh. An 1999, chaidh Pàrlamaid na h-Alba a' chur air bhonn, far am bithear a' dèiligeadh ri gnothaichean poilitigeach a tha a' buntainn do dh' Alba a-mhàin.
Clàr-innse |
[deasaich] Eòlas-Cruinne
Tha Alba suidhichte ann an ceann a tuath eilean Bhreatainn, agus tha a'chrìoch le Sasainn an taobh a deas na dùthcha. A bharrachd air an tìr-mòr, tha na ceudan de dh'eileanan – a leithid Sealtainn, Arcaibh (Na h-Eileanan-a-Tuath) agus Na h-Eileanan an Iar air an gabhail a-steach san rìoghachd. Tha tìr-mòr na h-Alba air a roinn an trì pàirtean chudthromach: a’Ghàidhealtachd, a’Ghalldachd agus na Monaidhean a Deas. Tha a’chuid mhòr den t-sluagh a’fuireach sa Ghalldachd Meadhanaich, far am faighear na bailtean as motha ; Glaschu agus am prìomh-bhaile Dùn Èideann .
[deasaich] An Geòlas
Nuair a thachair mòirneasachd ann an Labhdaidh an Ear o choinn 350 millean bhliadhnan, bha na clachan na dè is Bhreatainn Mhòr a th’ann a-nìs, faisg Crios na Cruinne agus chruthaich e pairt na glè-mhòr-thìr Pangaea. Lean a chomhruith nan clàran thìr-mòr, agus thachair sgleog leis tir-mòr Gondwana.
Cha dh’thàinig na pairtean mu thuath agus mu dheas Bhreatainn teannta gus 75 millean bhliadhnan roimh an toiseach na vulcanism ann Labhdaidh an Ear. Bha Alba agus pairt Shassain mu thuath air tìr-mòr Laurentian roimh-làimh, far bha Amearaga mu Thuath agus a’Ghraonlainn. Bha Breatainn mu Dheas 40° lat. nas fhaide mu dheas, faisg air Afraga agus Amearaga mu Dheas sa tìr-mòr Gondwana.
[deasaich] Alba Ùr-nodha
Tha sia bailtean mòr ann an Alba:
- Glaschu
- Dùn Èideann, prìomh-bhaile
- Obar Dheathain
- Dun Dèagh
- Inbhir Nis
- Peairt
[deasaich] Poileataigs
Faic prìomh aiste: Poileataigs na h-Alba
[deasaich] Fòghlam ann an Alba
Tha ceithir Olthighean aosmhor Albannach ann. 'Siad :
- Cill Rimhinn,
- Glaschu,
- Obar Dheathainn
- Dùn Éideann
Tha trì-deug oilthighean ann an Alba gu lèir.
[deasaich] Na Meadhanan
- An Herald
- An t-Albannach
Dùthchannan Ceilteach | ||
---|---|---|
Alba | a' Chòrn | a' Chuimrigh | Èirinn | A' Bhreatainn Bheag | Manainn |
||
Priomh-aiste: Na Ceiltich |