Domhnall II na h-Alba
As a'Wikipedia
Domhnall II na h-Alba (Domnall mac Causantín ) Rìgh Alba 889-900 . Mac Rìgh Còiseam I agus co-ogha ri Eochaid agus Còiseam II a lean e mar Rìgh.
Ghabh Domhnall grèim air cathair-rìgh na h-Alba bho Giric, a bha a riaghladh le Eochaid, a bha air brathair athair Domhnall a mharbhadh. Le bàs Giric chaidh Eochaid fhuadachadh bhon dùthaich agus mar sin fhuair Domhnall grèim air an rìoghachd.
'Sann fo Domhnall II a chaidh Rìoghachd Srath-Chluaidh a chuir fo cheannsail le nan Gaidheil agus mar seo gu ìre a stèidheachadh Rìoghachd Alba; leis fhein air ainmeachadh ann an eachdraidh bhliadhnail Ullaidh mar Rì Alban seach direach Rex Pictorum mar a chaidh na rìghrean roimhe ainmeachadh. Bha an t-àm riaghladh aige ann nuair a thoisich na Lochlannaich a ceannsachadh an Alba a' Deas eadar Alba agus na dùthchan Sassanach le greim a ghabhal air an talamh an aite direach goid bho na daoine airson a chiad turas. Bha na Lochlannaich mur tha air Alba a' Tuath a fhaighean fo smachd.
'Se Rìgh Domhnall II a chiad duine a chaidh ainmeachadh mar Rìgh na h-Alba ( no Rì Alban san Sean Gàidhlig ) leis a bhàs anns a bhliadhna 900. Roimhe, 'se Rìgh nan Cruithnich no Rìgh na Fhortreann. Gu tric tha daoine a coimhead ris an atharrachadh seo mar aoibhle airson breith Rìoghachd Alba ach chan eil moran a thachair ann an àm Domhnall a toirt cuideam don bheachd is. Bha far-ainm aige, dásachtach , le ciall ruidigein coltach ri 'Gloic' anns an sean chànan. Tha feadhainn dem beachd gu bheil seo is coireach ri cho mì-stòlda 'sa bha an rìoghachadh aige le ùine air a chuir seachad a cogadh an aghaidh na Lochlannaich. Tha beachd eile ann gun d'fhuair e an t-ainm seo trobh cuir sìos air an t-eaglais no trobh cìsean robh àrd. Chan eil cinnte ann ach tha am fan-ainm seo dha dheanamh le mì-choltach mar stèidheadair Alba.
[deasaich] Aistidhean co-cheangailte
[deasaich] Teisteanas
Air a tharraing, agus eadar-theangachadh, bho :