MacBheatha na h-Alba
As a'Wikipedia
Mac Bethad mac Findláich, no 'sa Bheurla Macbeth, b. 1005 - 1057 .
Àrd Rìgh na h-Alba bho'n 14 den Lùnasdal 1040 chun an 15 den Lùnasdal 1057. Tha 'Mac Bethad' ann an Sean Ghaeilge a ciallachadh 'Mac a Bheatha' le ciall ruidigein coltach ri 'Fear a Choisrig.'
'Se mac Fionnlagh ( Findláech mac Ruaidrí ) , Rìgh Moireibh, a bh'ann an MacBeatha agus 'se Rìgh Maoil Chaluim II an seanair aige. Oir gun phòs Fionnlagh nighean Maoil Chaluim (Dabhda no gu tric 'sa Bheurla 'Dovda' ) thionnaidh a theaghlach fhèin na aghaidh agus mu dheireadh mharbh na mic-brathair aige ; Gilla Coemgáin agus Maol Chalum.
Bhàsaich Maol Calum ann an 1029 agus sheas Gilla Coemgáin mar Rìgh as a dheidh. Bhàsaich easan eadar 1031 agus 1032 a sabaist an aghaidh Àrd Rìgh Maol Chalum II. An deidh seo lean MacBeatha a cho-ogha mar Rìgh Mhoireibh agus phòs e banntrach Gilla Coemgáin, a Bhana-Phrionnsa Gruoch, agus i fhèin na ogha Àrd Rìgh Coinneach III. Bha mac aig Gruoch bhon a chiad duine aice, Lulach, agus sheas MacBeatha mar leas-athair ris.
Tha an Asgair Shassanach ag innis dhuinn gur e MacBeatha aon de trì rìghrean Albannach a ghèill ri cùmhachd Cnud Mhòr ( gu tric "Cnut" no "Cannute" ) , Rìgh nan Lochlannaich agus Rìgh Shasainn, an Danmhairg agus an Nirribhidh, anns a bhliadhna 1031.
Aig an àm seo cha robh riaghaltas cùmhachdach no aontas cheart ann an Alba eadar na h-Uaislean agus Rìghrean. 'Se 'Mormaer' an t-ainm a bh'air na Rìghrean beag fo'n Àrd Rìgh.
Bha Maol-Chalum II airson an ogha aige, Donnchadh, mac a nighean Bethoc, a bha air pòsadh Crinan, Mormaer agus Aba Dùn Chailleann, seasamh mar Àrd Rìgh as a dheidh. Tha e coltach gu robh seo is coireach gur e Bethoc an nighean a b'fhearr leis air a no airson adhbhar poiliticeach.
Mus do bhàsaich e rinn Maol Calum II oidhirp neach sam bith a bha air thoiseach air Donnchadh mar tàinistear a mharbhadh. Cha d'fhuair gin air falbh ach Lulach - aig an t-àm na leanabh òg agus le feadhainn ag radh ( gu firinneach ) gun robh e na ghloic. Chuidich dìon MacBeatha agus chuidich an t-inbhe aige fhèin mar an duine aig ogha sean Rìgh agus a mac an dleas aigeasan ris an cathair-rìgh. Le bàs Maol-Calum air an 25 den t-Samhainn, 1034, ghabh Donnchadh aite mar Àrd Rìgh.
Airson fiadhachadh an aghaidh Donnchadh thoisich MacBeatha càirdeas le Thorfinn, Iarla Arcaibh, co-ogha ris fhèin agus Donnchadh agus ogha Maol-Calum II tron an nighean is oige aige. Chaidh an dithis aca a chogadh an aghaidh Donnchadh agus bhásaich e am blàr faisg air Eilginn air an 14 den Lùnasdal, 1040.
'Se Rìgh laidir a bh'ann an MacBeatha agus e a riaghladh tarsainn air Rìoghachd sheasmhach gu leòr airson dha miosan a chuir seachaid a dhol gu taisgealachd san Roimh. Sgriobh e laghan ùr airson Alba agus 'se àm piseach a bh'ann.
An 1054 thoisich Maol-Chalum Chean-Mhòr, mac Donnchadh, ag iomairt airson greim fhaighean air an cathair-rìgh le cuideachadh bho Siward, Iarla Northumbria, le smachd fhaighean air taobh a deas Alba. Bhàsaich MacBeatha a sabaist saighdearan Maol-Chalum aig blàr faisg air Lumphanan agus an deidh sin chaidh an cathair-rìgh gu Lulach san Lùnasdal, 1057.
Tha MacBeatha air a thiodhlaiceadh air Eilean I, an eilean tradiseanta airson uaighean na Àrd-Rìghrean aig nan Gaidheil agus nan Cruithnich agus an t-eilean is coisrigte anns an dùthaich.